Home » Destination Europe » Currently Reading:

Plana Cànain aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba a-mach gu co-chomhairleachadh Poblach

August 17, 2017 Destination Europe No Comments Email Email

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) air a’ Phlana Chànain airson 2018-2023 a chur a-mach gu co-chomhairleachadh poblach.http://www.seychelles.travel/

Bidh am plana ag amas ri puingean soirbheachail a neartachadh bhon phlana mu dheireadh. Puingean mar gabh a-steach na Gàidhlig aig taisbeanaidhean is obair eadar-mhìneachaidh a tha aig 29 làraichean eachdraidheil (ÀEA) mu thràth agus prògram ionnsachaidh a ruig air barrachd na 4,000 cloinne is tidsearan thar nam bliadhnaichean. Cuideachd bheirear sùil air susbaint na Gàidhlig a thèid a chruthachadh is a’ sgaoileadh air loidhne.

Tha targaidean ùra ann airson an ìre de thuigse is eòlas air a’ Ghàidhlig àrdachadh tro ghoireasan ùra air loidhne. Bidh cuideachd rannsachadh as ùr a’ toirt sùil air ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus làraichean eachdraidheil fo chùram ÀEA, is far an tèid ceanglaichean a lorg, thèid am fiosrachadh seo a’ fighe a-steach gu na taisbeanaidhean is obair eadar-mhìneachaidhean aca.

Às dèidh bliadhna soirbheachail dhan bhuidheann a thaobh am bliadhna Eachdraidheil, Dualchas is Arc-Eòlas, togaidh am plana air spiorad Bliadhna na h-Òigridh ann an 2018 le leirmheas air a’ phrògram ionnsachaidh aca. Bidh seo ann los gun gabh barrachd taic a thoirt do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, le pròiseactan is goireasan eadar-ghnìomhach, a toirt air an ath ghinealach de dh’òigridh a’ dol an sàs ann an eachdraidh na dùthcha.

Thuirt ministeir airson Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd Ìre agus Saidheans, Shirley-Ann Somerville:

“I welcome these proposals from Historic Environment Scotland to further integrate Gaelic into its activities through this new Gaelic Language Plan.

“Gaelic language and culture forms a key part of Scotland’s history and heritage and it is fitting that this consultation is being undertaken during the Year of History, Heritage and Archaeology.

“We are committed to ensuring Gaelic has a sustainable future which is why there needs to be a concerted effort on the part of Government and its agencies, the public and private sectors, community bodies and individual speakers to promote its use in as many ways as possible.

“Gaelic Language Plans are a key component of this and I would encourage all those with an interest to participate in the consultation.”

Bidh am plana cuideachd a’ toirt a-steach molaidhean ùra airson bathar sa Ghàidhlig a’ reic aig prìomh làraichean ÀEA, is pròiseact deuchainne a stèidheachadh aig Caisteal Urchadain a bhios a’ neartachadh an ìre de Ghàidhlig a bhios ri fhaicinn is le cothroman airson cleachdadh na Gàidhlig ri thabhann cuideachd.

Thuirt Ceannaird Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Alex Paterson:

“We have developed an ambitious plan, which will help to illustrate the place of Gaelic within Scottish culture, while increasing resources for Gaelic speakers and learners. We want this consultation to reach as many people as possible, so we can ensure that the final plan is robust and representative. We very much look forward to reviewing the feedback.”

Tha cleachdadh na Gàidhlig san t-sreath chliùiteach Outlander air ùidh as ùr a thogail sa chànan am measg luchd-tadhail, is le cleachdadh de làraichean eachdraidheil san t-sreath thathar a’ faicinn àrdachadh ann an àireamhan tron dhoras. Chuir ÀEA a-mach bhideothan airson luchd-ionnsachaidh “Gaelic for Outlanders” is iad cuid de na bhideothan as soirbheachail a rinn a’ bhuidheann riamh; rud a tha a’ cur fianais ris a bheachd gu bheil barrachd cothroman ann airson leasachadh na Gàidhlig tro eachdraidh na h-Alba.

A thuilleadh air a’ Ghàidhlig, bidh am plana a’ cur air adhart molaidhean gus taic a chumail ri buidhnean ionadail sa choimhearsnachd a tha a’ smaoineachadh air pròiseactan a thòiseachadh a bhios a’ cleachdadh Albais, no Doric cuideachd. Bidh seo uileadh airson aithne is spèis a thoirt air a’ bhuaidh a bh’ aig, is a th’ aig mion-chànain is dualchainntean air dualchas ionadail cuairt na h-Alba.

Bidh an co-chomhairleachadh a’ ruith eadar 15mh – 31mh Dàmhair. Is urrainn dha daoine beachdan fhàgail aig: historicenvironment.scot/gaelic-consultation

Comment on this Article:







Time limit is exhausted. Please reload CAPTCHA.

Platinium Partnership

ADVERTISEMENTS

Elite Partnership Sponsors

ADVERTISEMENTS

Premier Partnership Sponsors

ADVERTISEMENTS

Official Media Event Partner

ADVERTISEMENTS

Global Travel media endorses the following travel publication

ADVERTISEMENTS

GLOBAL TRAVEL MEDIA VIDEOS